Agus dh’fhan Saul, agus a mhac Ionatan, agus an sluagh a bha an làthair maille riu, ann an Gibeah Bheniàmin: ach champaich na Philistich ann am Michmas.
An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.
Agus bhuail Ionatan freiceadan nam Philisteach a bha ann an Geba; agus chuala na Philistich sin: agus shèid Saul an trompaid air feadh na tìre uile, ag ràdh, Cluinneadh na h‑Eabhraidhich.
Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear;