Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniàmin: agus ghabh Saul àireamh an t‑sluaigh a bha an làthair maille ris, mu thimcheall sia ceud fear.
An sin thagh Saul dha fhèin trì mìle fear de Israel, den robh dà mhìle maille ri Saul ann am Michmas, agus ann an sliabh Bheteil, agus bha mìle maille ri Ionatan ann an Gibeah Bheniàmin: agus a’ chuid eile den t‑sluagh chuir e gach duine dhiubh a dh’ionnsaigh a bhùtha.
Agus dh’fhan Saul anns a’ chuid a b’fhaide a‑mach de Ghibeah, fo chraoibh pomgranait a tha ann am Migron: agus bha an sluagh a bha maille ris mu thimcheall sia ceud fear;
Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.