Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:14

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Ach a‑nis cha seas do rìoghachd: dh’iarr an Tighearna dha fhèin duine a rèir a chridhe fhèin, agus dh’àithn an Tighearna dha a bhith na cheannard air a shluagh, a chionn nach do ghlèidh thusa an nì a dh’àithn an Tighearna dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

21 Iomraidhean Croise  

Mar an ceudna roimhe seo, nuair a bha Saul na rìgh os ar cionn, bu tusa an tì a threòraich a‑mach agus a thug a‑steach Israel: agus thubhairt an Tighearna riut, Beathaichidh tu mo shluagh Israel, agus bidh tu ad cheannard air Israel.

Agus thubhairt Daibhidh ri Michal, Is ann a bha e am fianais an Tighearna, a thagh mise rod athair, agus ro a thaigh uile, a‑chum m’òrdachadh am cheannard air sluagh an Tighearna, air Israel: uime sin chluich mise am fianais an Tighearna.

Till, agus abair ri Heseciah, ceannard mo shluaigh, Mar seo tha an Tighearna, Dia Dhaibhidh d’athair, ag ràdh, Chuala mise d’ùrnaigh, chunnaic mi do dheòir: feuch, slànaichidh mi thu; air an treas là thèid thu suas do thaigh an Tighearna.

Mar seo dh’eug Saul airson a chionta a rinn e an aghaidh an Tighearna, an aghaidh facal an Tighearna nach do ghlèidh e, agus mar an ceudna a chionn gun d’iarr e bean aig an robh leannan-sìth, a dh’fhiosrachadh dhith;

Agus thagh e Daibhidh a òglach, agus thug e e o chrò nan caorach;

Oir cha mhair beartas gu bràth: agus am mair an crùn o linn gu linn?

An sin thubhairt Isaiah ri Heseciah, Cluinn facal Tighearna nan sluagh;

Agus air dha esan atharrachadh, thog e suas Daibhidh gu bhith na rìgh dhaibh; don tug e mar an ceudna fianais, ag ràdh, Fhuair mi Daibhidh mac Iese, duine a rèir mo chridhe fhèin, a nì m’uile thoil.

Neach a fhuair deagh-ghean am fianais Dhè, agus a dh’iarr pàillean fhaotainn do Dhia Iàcoib.

Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Oir mar pheacadh na draoidheachd tha ceannairc, agus mar aingidheachd iodhal-adhraidh tha rag-mhuinealachd: a chionn gun do chuir thusa cùl ri facal an Tighearna, chuir esan mar an ceudna cùl riutsa o bhith ad rìgh.

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Cha till mi maille riut; oir chuir thu cùl ri facal an Tighearna, agus chuir an Tighearna cùl riutsa o bhith ad rìgh air Israel.

Agus thubhairt Samuel ris, Reub an Tighearna rìoghachd Israeil dhìotsa an‑diugh, agus thug e i dod choimhearsnach, as fheàrr na thusa.

Agus thubhairt an Tighearna ri Samuel, Cia fhada a nì thu bròn airson Shauil, agus gun do chuir mise cùl ris o rìoghachadh os cionn Israeil? Lìon do chòrn le ola, agus falbh, cuiridh mise thu gu Iese am Betlehemeach; oir fhuair mi a‑mach am measg a chuid mhac rìgh dhomh fhèin.

Agus chuir e fios air, agus thug e a‑steach e: a‑nis bha e ruiteach, agus sgiamhach na ghnùis, agus maiseach ri amharc air. Agus thubhairt an Tighearna, Eirich, ung e; oir is e seo esan.

Uime sin tha an Tighearna Dia Israeil ag ràdh, Thubhairt mi gu deimhinn gun gluaiseadh do thaigh-sa agus taigh d’athar am fhianais gu bràth: ach a‑nis tha an Tighearna ag ràdh, Guma fada sin uamsa; oir dhaibhsan a bheir urram dhòmhsa bheir mise urram, agus iadsan a nì tàir ormsa, is beag am meas a bhios dhiubh.

Agus a‑nis, feuch, tha fhios agam gum bi thu gu cinnteach ad rìgh, agus gun daingnichear rìoghachd Israeil ad làimh:

Agus nuair a nì an Tighearna dom thighearna a rèir gach maith a labhair e mud thimcheall, agus a dh’òrdaicheas e thu ad uachdaran os cionn Israeil,

Mun àm seo a‑màireach cuiridh mi ad ionnsaigh duine à tìr Bheniàmin, agus ungaidh tu e na cheannard air mo shluagh Israel, agus saoraidh e mo shluagh à làimh nam Philisteach; oir dh’amhairc mi air mo shluagh, a chionn gun tàinig an glaodh am ionnsaigh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan