Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 13:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin thubhairt mi, A‑nis thig na Philistich a‑nuas orm gu Gilgal, agus cha do chuir mi athchuinge a dh’ionnsaigh an Tighearna: rinn mi èiginn uime sin orm fhèin, agus thug mi suas an ìobairt-loisgte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Abraibh ri Dia, Cia uamhasach d’obraichean! Trìd meud do neirt strìochdaidh do naimhdean dhut.

Ag ràdh, Cuin a thèid a’ ghealach ùr seachad, a‑chum gun reiceamaid sìol? Agus an t‑sàbaid, a‑chum gun tugamaid a‑mach cruithneachd? A’ dèanamh na h‑ephah beag, agus an t‑seceil mòr; agus a’ dèanamh na meidhe mearachdach le ceilg:

Thugadh gach duine seachad a rèir rùn a chridhe; na b’ann an doilgheas, no le èiginn: oir is toigh le Dia an neach a bheir seachad gu suilbhir.

Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas;

Agus thubhairt Samuel ri Saul, Rinn thu gu h‑amaideach: cha do ghlèidh thu àithne an Tighearna do Dhia, a dh’àithn e dhut; oir a‑nis dhaingnicheadh an Tighearna do rìoghachd air Israel gu bràth.

Agus nuair a dh’èirich Samuel gu moch a choinneachadh Shauil anns a’ mhadainn, dh’innseadh do Shamuel, ag ràdh, Thàinig Saul gu Carmel, agus, feuch, chuir e suas dha fhèin clach-chuimhneachain, agus dh’imich e mun cuairt, agus ghabh e air aghaidh, agus chaidh e sìos gu Gilgal.

Agus thubhairt Samuel, A bheil tlachd aig an Tighearna ann an tabhartasan-loisgte agus an ìobairtean, mar ann an ùmhlachd do ghuth an Tighearna? Feuch, is fheàrr ùmhlachd na ìobairt, agus aire a thabhairt na saill reitheachan.

A‑nis bha duine àraidh de sheirbhisich Shauil an sin air an là sin, air a chumail an làthair an Tighearna; agus b’e a ainm Doeg, Edomach, am fear a b’àirde de na buachaillean a bhuineadh do Shaul.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan