1 Samuel 13:11Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt Samuel, Ciod a rinn thu? Agus fhreagair Saul, A chionn gum faca mi gu robh an sluagh air an sgapadh uam, agus nach tàinig thu an taobh a‑staigh den àm shuidhichte, agus gun do chruinnich na Philistich iad fhèin an ceann a chèile gu Michmas; Faic an caibideil |
Agus chruinnicheadh na Philistich an ceann a chèile gu cogadh ri Israel, deich-mìle-fichead carbad, agus sia mìle marcaiche, agus sluagh mar a’ ghaineamh a tha air tràigh na fairge a‑thaobh lìonmhorachd: agus thàinig iad a‑nìos, agus champaich iad ann am Michmas, a làimh na h‑àird an ear o Bhet-abhen.