Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 12:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, thug e thairis iad do làimh Shisera, ceannard armailt Hasoir, agus do làimh nam Philisteach, agus do làimh rìgh Mhòaib; agus chog iad nan aghaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus on àm anns an d’àithn mi britheamhan a bhith os cionn mo shluaigh Israel: agus bheir mi dhut fois od naimhdean gu lèir. Mar an ceudna tha an Tighearna ag innse dhut gun dèan an Tighearna taigh dhut.

Dhìochuimhnich iad Dia am fear-saoraidh, a rinn nithean mòra anns an Eiphit,

Ach rinn iadsan ceannairc, agus chuir iad doilgheas air a Spiorad naomh; air chor is gun d’fhàs e na nàmhaid dhaibh, agus chog e fhèin nan aghaidh.

Am faod òg‑bhean a h‑usgraichean a dhearmad? No bean-bainnse a culaidh? Gidheadh dhearmaid mo shluagh mise làithean gun àireamh.

Air a’ charraig a ghin thu tha thu mì‑chuimhneachail, agus tha thu dearmadach air an Dia a dhealbh thu.

Cionnas a chuireadh a h‑aon ruaig air mìle, agus a chuireadh dithis deich mìle air theicheadh, mura biodh an carraig air an reiceadh, agus mura biodh an Tighearna air an druideadh suas?

Agus las fearg an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh nam Philisteach, agus do làimh chloinn Amoin.

Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna; agus thug an Tighearna thairis iad do làimh nam Philisteach dà‑fhichead bliadhna.

Agus las corraich an Tighearna an aghaidh Israeil, agus thug e thairis iad do làimh chreachadairean a chreach iad, agus reic e iad do làimh an naimhdean mun cuairt, air chor is nach b’urrainn iad na b’fhaide seasamh an làthair an naimhdean.

Agus rinn clann Israeil olc a‑rìs ann an sùilean an Tighearna: agus neartaich an Tighearna Eglon rìgh Mhòaib an aghaidh Israeil, a chionn gun do rinn iad olc ann an sùilean an Tighearna.

Agus na dhèidh-san bha Samgar mac Anait, a mharbh de na Philistich sia ceud fear le luirg-iomain dhamh: agus shaor esan Israel mar an ceudna.

Agus reic an Tighearna iad do làimh Iabin rìgh Chanàain, a rìghich ann an Hasor; agus b’e ceannard a shluaigh Sisera, a bha a chòmhnaidh ann an Haroset nan cinneach.

Ach mura èisd sibh ri guth an Tighearna, agus gun dèan sibh ceannairc an aghaidh àithne an Tighearna, an sin bidh làmh an Tighearna nur n‑aghaidh-se, mar a bha i an aghaidh ur n‑athraichean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan