A‑nis uime sin seasaibh, a‑chum gun toir mi breith oirbh an làthair an Tighearna, a‑thaobh uile ghnìomharan cearta an Tighearna, a rinn e dhuibhse agus dur n‑athraichean.
Thigibh a‑nis, agus tagramaid ri chèile, deir an Tighearna; ged robh ur peacaidhean mar an sgàrlaid, bidh iad geal mar an sneachd; ged robh iad dearg mar chorcar, bidh iad mar olainn.
Gam fosgladh agus a’ dearbhadh gum b’èiginn do Chrìosd fulang, agus èirigh a‑rìs o na mairbh: agus gur e an t‑Iosa seo a tha mise a’ searmonachadh dhuibh, Crìosd.
Iadsan a tha air an saoradh o fhuaim nam fear-bogha ann an ionadan tarraing an uisge, an sin aithrisidh iad gnìomharan cothromach an Tighearna, eadhon na gnìomharan cothromach a‑thaobh luchd-àiteachaidh a bhailtean ann an Israel: an sin thèid sluagh an Tighearna sìos a dh’ionnsaigh nan geatachan.