Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 12:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus a‑nis, feuch, tha an rìgh ag imeachd romhaibh: agus tha mise aosmhor agus air fàs liath, agus, feuch, tha mo mhic maille ribh: agus ghluais mise nur fianais om òige gus an là‑an‑diugh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

17 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, nuair a tha mi sean agus liath, a Dhè, na trèig mi; gus an cuir mi an cèill do neart don àl seo, do gach àl ri teachd do chumhachd.

A thèid a‑mach romhpa, agus a thig a‑steach romhpa, agus a threòraicheas a‑mach iad, agus a bheir a‑steach iad; a‑chum nach bi co‑chruinneachadh an Tighearna mar chaoraich aig nach eil buachaille.

Oir tha mise a‑nis gu bhith air m’ìobradh, agus tha àm mo shiubhail am fagas.

Agus an ceann ùine fhada, an dèidh don Tighearna fois a thoirt do Israel on naimhdean uile mun cuairt, dh’fhàs Iosua sean, agus thàinig e air aghaidh ann am bliadhnachan.

Agus ghairm Iosua da ionnsaigh Israel uile, an seanairean, agus an ceannardan, agus am britheamhan, agus an luchd-riaghlaidh, agus thubhairt e riu, Tha mise sean, agus air teachd air m’aghaidh ann am bliadhnachan:

Air dhomh fios a bhith agam gur fagas dhomh àm cur dhìom mo phàillein seo, amhail a dh’fhoillsich ar Tighearna Iosa Crìosd dhomh.

A‑nis bha Eli ro‑shean, agus chuala e gach nì a rinn a mhic ri Israel uile, agus cionnas a laigh iad leis na mnathan a chruinnich aig doras pàillean a’ choitheanail.

Carson a tha sibh a’ dèanamh tàir air m’ìobairt, agus air mo thabhartas a dh’àithn mi ann am àite-còmhnaidh, agus a tha thu a’ toirt urraim dod mhic os mo chionn-sa, gu sibh fhèin a dhèanamh reamhar le rogha uile thabhartasan mo shluaigh Israel?

Agus thàinig an Tighearna, agus sheas e, agus ghairm e mar air na h‑uairean eile, A Shamueil, a Shamueil. An sin fhreagair Samuel, Labhair, oir tha do sheirbhiseach a’ cluinntinn.

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.

An sin ghairm Eli air Samuel, agus thubhairt e, A Shamueil, a mhic. Agus thubhairt esan, Tha mi an seo.

A‑nis nuair a bha Samuel aosda, chuir e a mhic nam britheamhan os cionn Israeil.

Agus bidh sinne mar an ceudna mar na cinnich uile, agus bheir ar rìgh breith oirnn, agus thèid e a‑mach romhainn, agus cuiridh e ar cathan.

Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.

Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan