Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach eil neach cosmhail ris am measg an t‑sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.
Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin na rìgh am fianais an Tighearna ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartas-sìthe am fianais an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gàirdeachas mòr.
Nach eil foghar a’ chruithneachd ann an‑diugh? Gairmidh mise air an Tighearna, agus cuiridh e a‑nuas tàirneanach agus uisge, a‑chum gun tuig agus gum faic sibh gu bheil ur n‑olc mòr, a rinn sibh ann an sealladh an Tighearna, le rìgh iarraidh dhuibh fhèin.
Agus thubhairt an sluagh uile ri Samuel, Dèan ùrnaigh airson do sheirbhiseach ris an Tighearna do Dhia, a‑chum nach bàsaich sinn: oir chuir sinn ri ar peacaidhean uile an t‑olc seo, rìgh iarraidh dhuinn fhèin.
Agus thubhairt iad ris, Feuch, tha thusa air fàs aosda, agus chan eil do mhic a’ gluasad ann ad shlighean: a‑nis matà dèan dhuinne rìgh gu breith a thoirt oirnn, mar na cinnich uile.
Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar?