Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 12:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

15 Iomraidhean Croise  

Agus daingnichidh mi mo choicheangal eadar mise agus thusa agus do shliochd ad dhèidh nan ginealaichean, mar choicheangal sìorraidh, gu bhith am Dhia dhutsa agus dod shliochd ad dhèidh.

Oir is e Dia mo rìgh o chian, ag obrachadh slàinte am meadhon na talmhainn.

Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.

Air an dòigh cheudna nuair a chuala na h‑uile Iùdhaich a bha ann am Mòab, agus am measg nan Amonach, agus ann an Edom, agus a bha anns na h‑uile dhùthchannan, gun d’fhàg rìgh Bhàbiloin fuidheall de Iùdah, agus gun do chuir e os an cionn Gedaliah mac Ahicaim, mhic Shaphain;

Bidh mise ann am rìgh dhut: càit a bheil aon neach eile a thèarnas thu ann ad chathraichean uile? Agus do bhritheamhan uile ris an dubhairt thu, Thoir dhomh rìgh agus prionnsachan?

Cha tug e fa‑near euceart ann an Iàcob, agus chan fhaca e cealg ann an Israel: tha an Tighearna a Dhia leis, agus caithream rìgh nam measg.

Agus thubhairt Gideon riu, Cha bhi mise am uachdaran oirbh, cha mhò a bhios mo mhac na uachdaran oirbh; bidh an Tighearna na uachdaran oirbh.

Agus tha sibh air èirigh suas an aghaidh taigh m’athar-sa an‑diugh, agus mharbh sibh a mhic, trì-fichead agus deichnear fear, air aon chloich, agus rinn sibh Abimelech, mac a bhan-oglaich, na rìgh os cionn maithean Shecheim, a chionn gur e ur bràthair e:)

Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.

Agus cha do ghluais a mhic na shlighean-san, ach chlaon iad an dèidh buannachd, agus ghabh iad duais, agus dh’fhiar iad breitheanas.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan