Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 12:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus chuir an Tighearna uaithe Ierubàal, agus Barac, agus Iephtah, agus Samuel, agus shaor e sibh à làimh ur naimhdean air gach taobh, agus ghabh sibh còmhnaidh gu tèarainte.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

(Agus thug an Tighearna fear-saoraidh do Israel, agus chaidh iad a‑mach o bhith fo làimh nan Sirianach: agus ghabh clann Israeil còmhnaidh nam bùthan, mar a rinn iad roimhe.

Agus mic Ulaim: Bedan. B’iad sin mic Ghilead, mhic Mhachir, mhic Mhanaseh.

Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;

Agus dh’amhairc an Tighearna air, agus thubhairt e, Imich ann ad neart seo, agus saoraidh tu Israel o làimh nam Midianach: nach do chuir mise uam thu?

Agus thubhairt Iòas riùsan uile a sheas na aghaidh, An tagair sibh airson Bhàail? An saor sibh e? Esan a thagras air a shon, cuirear gu bàs e, am feadh as i a’ mhadainn a tha fhathast ann: mas dia e, tagradh e air a shon fhèin, a chionn gun do thilgeadh sìos a altair.

Uime sin, air an là sin fhèin, thug e Ierubàal mar ainm air, ag ràdh, Tagradh Bàal na aghaidh, a chionn gun do thilg e sìos a altair.

An sin dh’èirich Ierubàal, eadhon Gideon, agus an sluagh uile a bha maille ris, suas gu moch, agus champaich iad làimh ri tobar Haroid: agus bha feachd nam Midianach air an taobh mu thuath dhiubh, làimh ri sliabh Mhòreh, anns a’ ghleann.

Agus chaidh Ierubàal mac Iòais, agus ghabh e còmhnaidh na thaigh fhèin.

Cha mhò a nochd iad coibhneas do thaigh Ierubàail, eadhon Gideon, a rèir a’ mhathais sin uile a nochd e do Israel.

Agus bha fhios aig Israel uile, o Dhan gu ruig Beer-sèba, gun d’òrdaicheadh Samuel na fhàidh don Tighearna.

Agus dh’irioslaicheadh na Philistich, agus cha tàinig iad tuilleadh gu crìch Israeil: agus bha làmh an Tighearna an aghaidh nam Philisteach uile làithean Shamueil.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan