Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 12:10

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus ghlaodh iad ris an Tighearna, agus thubhairt iad, Pheacaich sinn, do bhrìgh gun do thrèig sinn an Tighearna, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim agus Astarot; ach a‑nis saor sinn à làimh ar naimhdean, agus nì sinn seirbhis dhut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

18 Iomraidhean Croise  

Gidheadh thug e an àmhghar fa‑near, nuair a chuala e an glaodh;

A Thighearna, ann an àmhghar dh’iarr iad thu: dhòirt iad a‑mach an athchuinge nuair a bha do smachdachadh orra.

Oir is e an Tighearna ar britheamh; is e an Tighearna ar fear-tabhairt lagha; is e an Tighearna ar Rìgh; tèarnaidh e sinn.

Agus leth Ghilead, agus Astarot, agus Edrei, bailtean rìoghachd Og ann am Basan, bhuin iad do chloinn Mhachir mhic Mhanaseh, eadhon do leth chloinn Mhachir, a rèir an teaghlaichean.

Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, ag ràdh, Pheacaich sinn ad aghaidh, an dà chuid a chionn gun do thrèig sinn ar Dia, agus gun do rinn sinn seirbhis do Bhàalim.

Agus rinn clann Israeil olc ann an sealladh an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim.

Agus thrèig iad an Tighearna, agus rinn iad seirbhis do Bhàal agus do Astarot.

Ach nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas dhaibh fear-saoraidh, Ehud mac Ghera, Beniàmineach, duine ciotach: agus leis-san chuir clann Israeil tìodhlac gu Eglon rìgh Mhòaib.

Agus rinn clann Israeil olc ann an sùilean an Tighearna, agus dhìochuimhnich iad an Tighearna an Dia, agus rinn iad seirbhis do Bhàalim, agus do Astarot.

Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna, thog an Tighearna suas fear-saoraidh do chloinn Israeil, a shaor iad, eadhon Otniel mac Chenais, bràthair a b’òige Chàleib.

Agus ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna: oir bha naoi ceud carbad iarainn aige; agus rinn e ainneart air cloinn Israeil gu ro‑mhòr rè fichead bliadhna.

Agus nuair a ghlaodh clann Israeil ris an Tighearna airson nam Midianach,

Agus thàrladh, on là a dh’fhan an àirc ann an Ciriat-iearim, gu robh an aimsir fada, oir bha fichead bliadhna ann; agus rinn taigh Israeil uile caoidh an dèidh an Tighearna.

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan