Agus thug Ioab suas làn àireamh an t‑sluaigh don rìgh: agus bha ann de Israel ochd ceud mìle fear gaisgeil a tharraing claidheamh, agus de fhir Iùdah còig ceud mìle fear.
Agus nochd prìomh-dhaoine an t‑sluaigh uile, eadhon treubhan Israeil uile, iad fhèin ann an coitheanal sluagh Dhè, ceithir cheud mìle coisiche a tharraing claidheamh.
Agus thubhairt iad ris na teachdairean a thàinig, Mar seo their sibh ri fir Iabeis-ghilead, A‑màireach, nuair a dh’fhàsas a’ ghrian teth, bidh cobhair agaibh. Agus thàinig na teachdairean, agus dh’innis iad sin do fhir Iabeis; agus bha aoibhneas orra.
Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e suas o Ghilgal gu Gibeah Bheniàmin: agus ghabh Saul àireamh an t‑sluaigh a bha an làthair maille ris, mu thimcheall sia ceud fear.