Agus cho luath is a thàinig e am fagas don champ, chunnaic e an laogh, agus an dannsa: agus las corraich Mhaois, agus thilg e na clàir as a làimh, agus bhris e iad aig bun an t‑slèibh.
Agus nuair a dh’amhairc e mun cuairt orra le feirg, air dha a bhith duilich airson cruas an cridhe, thubhairt e ris an duine, Sìn a‑mach do làmh. Agus shìn e a‑mach i; agus rinneadh slàn i mar an làmh eile.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air Iephtah; agus chaidh e thairis gu Gilead agus Manaseh, agus o sin chaidh e thairis gu Mispeh Ghilead, agus o Mhispeh Ghilead chaidh e thairis gu cloinn Amoin.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.
Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan.
Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan-risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan-risataim.
Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.