Agus, feuch, thàinig Saul an dèidh a’ bhuair as a’ mhachair; agus thubhairt Saul, Ciod a thàinig air an t‑sluagh, gu bheil iad a’ gul? Agus dh’innis iad dha sgeul dhaoine Iabeis.
Agus chuala Dia guth an òganaich; agus ghairm aingeal Dhè air Hàgar o nèamh agus thubhairt e rithe, Ciod a tha a’ teachd riut, a Hàgar? Na biodh eagal ort; oir chuala Dia guth an òganaich far a bheil e.
Agus dh’fhalbh e as a sin, agus fhuair e Elisa mac Shaphait, agus e ag àr le dà‑chuing-dheug dhamh roimhe, agus e fhèin leis an dara-cuing-deug: agus chaidh Eliah thairis da ionnsaigh, agus thilg e a fhallaing air.
Agus ghlaodh iad ri cloinn Dhain; agus thionndaidh iadsan an aghaidh; agus thubhairt iad ri Micah, Ciod a tha a’ teachd riut, gu bheil thu a’ teachd le a leithid seo de chuideachd?