Agus fhreagair Nahas an t‑Amonach iad, Air a’ chumha seo nì mi coicheangal ribh, gun spìon mi a‑mach gach sùil dheas agaibh, agus gun cuir mi am masladh seo air Israel uile.
Agus thubhairt iad riu, Chan fhaod sinne an nì seo a dhèanamh, ar piuthar a thoirt do dhuine neo-thimcheall-gheàrrte; oir bhiodh sin na mhasladh dhuinne.
Na èisdibh ri Heseciah: oir mar seo tha righ Asiria ag ràdh, Dèanaibh suas càirdeas riumsa, agus thigibh a‑mach am ionnsaigh, agus ithibh, gach fear, de a chrann-fìona, agus gach fear de a chrann-fìge fhèin, agus òlaibh, gach fear, uisge a thobair fhèin;
Thubhairt e mar an ceudna, Is mise Dia d’athar, Dia Abrahàim, Dia Isaaic, agus Dia Iàcoib. Agus dh’fhalaich Maois a aghaidh; oir bha eagal air amharc air Dia.
A thuilleadh air seo, cha tug thu sinn gu fearann a tha a’ sruthadh le mil agus le bainne, cha mhò a thug thu dhuinn oighreachd mhachrach agus fhìonliosan: an cuir thu a‑mach sùilean nan daoine sin? Cha tèid sinne suas.
Ach ghlac na Philistich e, agus chuir iad a‑mach a shùilean; agus thug iad sìos e gu Gàsa, agus cheangail iad e le geimhlean umha, agus bha e a’ bleith ann an taigh a’ phrìosain.
Agus nuair a chunnaic sibh gun tàinig Nahas, rìgh chloinn Amoin, nur n‑aghaidh, thubhairt sibh riumsa, Chan eadh, ach rìoghaichidh rìgh os ar cionn: nuair a b’e an Tighearna ur Dia ur rìgh.
Agus thubhairt Daibhidh ris na daoine a sheas làimh ris, ag ràdh, Ciod a nìthear don duine a mharbhas am Philisteach seo, agus a bheir air falbh am masladh o Israel? Oir cò e am Philisteach neo-thimcheall-gheàrrte seo, gun tugadh e dùbhlan do armailtean an Dè bheò?