Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 11:13

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Saul, Cha chuirear duine gu bàs air an là seo; oir an‑diugh dh’obraich an Tighearna saorsa ann an Israel.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Daibhidh, Ciod e mo ghnothach-sa ribhse, a mhaca Sheruiah, gum biodh sibh an‑diugh nur n‑eascairdean dhomh? An cuirear an‑diugh duine sam bith gu bàs ann an Israel? Oir nach eil fhios agam gu bheil mi an‑diugh am rìgh os cionn Israeil?

Agus thubhairt an rìgh ri Simei, Chan fhaigh thu bàs: agus mhionnaich an rìgh dha.

Dh’èirich esan agus bhuail e na Philistich gus an robh a làmh sgìth, agus an do lean a làmh ris a’ chlaidheamh. Agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr air an là sin; agus thill an sluagh na dhèidh a‑mhàin a dh’fhaobhachadh.

Agus thubhairt Maois ris an t‑sluagh, Na biodh eagal oirbh, seasaibh, agus faicibh slàinte an Tighearna, a dh’obraicheas e dhuibh an‑diugh; oir na h‑Eiphitich a chunnaic sibh an‑diugh, chan fhaic sibh iad a‑chaoidh tuilleadh.

Mar seo shaor an Tighearna Israel air an là sin à làimh nan Eiphiteach: agus chunnaic Israel na h‑Eiphitich marbh air tràigh na fairge.

Agus chunnaic e nach robh fear ann, agus b’ioghnadh leis nach robh eadar-mheadhonair ann; an sin dh’obraich a ghàirdean fhèin slàinte air a shon; agus a fhìreantachd fhèin, chùm i suas e.

Ach tre ghràs Dhè is mi an nì as mi: agus cha robh a ghràs, a bhuilicheadh orm, gun bhrìgh; ach shaothraich mi nas pailte na iad uile; gidheadh cha mhise, ach gràs Dhè a bha maille rium.

Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.

Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Am faigh Ionatan bàs, a dh’obraich an t‑saorsa mhòr seo ann an Israel? Nar leigeadh Dia: mar as beò an Tighearna, cha tuit aon ròineag de fhalt a chinn gu làr; oir maille ri Dia dh’obraich e an‑diugh. Uime sin shaor an sluagh Ionatan, agus cha d’fhuair e bàs.

Oir chuir e a anam na làimh, agus mharbh e am Philisteach; agus dh’obraich an Tighearna saorsa mhòr airson Israeil uile: chunnaic thu e agus rinn thu gàirdeachas: carson matà a pheacaicheas tu an aghaidh fala neo-chiontaich, le Daibhidh a mharbhadh gun adhbhar?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan