Agus thubhairt an sluagh ri Samuel, Cò a thubhairt, Cha rìghich Saul os ar cionn? Thugaibh an seo na daoine a‑chum gun cuir sinn gu bàs iad.
Gheibh do làmh a‑mach do naimhdean uile; gheibh do dheaslàmh a‑mach iadsan lem fuathach thu.
Ach thugaibh an seo na naimhdean ud agamsa, leis nach b’àill mise a bhith am rìgh os an cionn, agus marbhaibh am fhianais iad.
Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.