Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 11:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus air an là màireach chuir Saul an sluagh nan trì buidhnean; agus thàinig iad gu meadhon an fheachda ann am faire na maidne, agus bhuail iad na h‑Amonaich gus an d’fhàs an là teth: agus sgapadh iadsan a mhair, air chor is nach d’fhàgadh dithis dhiubh cuideachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thug Abrahàm Iehòbhah-Iireh mar ainm air an àite sin: mar a theirear gus an là‑an‑diugh, Ann an sliabh an Tighearna chìthear e.

Agus chuir Daibhidh a‑mach trian den t‑sluagh fo làimh Ioaib, agus trian fo làimh Abisai mhic Sheruiah, bràthair Ioaib, agus trian fo làimh Itai an Giteach: agus thubhairt an rìgh ris an t‑sluagh, Gu deimhinn thèid mi fhèin mar an ceudna a‑mach maille ribh.

Is e Dia ar tèarmann agus ar neart, ar cobhair ro‑dheas ann an teanntachdan.

Agus ann am faire na maidne dh’amhairc an Tighearna air sluagh nan Eiphiteach, tron mheall theine agus neòil; agus chlaoidh e armailt nan Eiphiteach.

Oir a rèir na breith a bheir sibh, bheirear breith oirbh: agus leis an tomhas leis an tomhais sibh, tomhaisear dhuibh a‑rìs.

Oir gheibh esan breitheanas gun tròcair, nach do rinn tròcair; agus nì tròcair gàirdeachas an aghaidh breitheanais.

Agus thubhairt Adoni-besec, Thionail trì-fichead agus deich rìghrean, aig an robh òrdagan an làmh agus an cas air an gearradh dhiubh, am biadh fom bhòrd-sa: mar a rinn mi, mar sin dhìol Dia orm. Agus thug iad e gu Ierusalem, agus fhuair e bàs an sin.

Ach lean Barac an dèidh nan carbad, agus an dèidh an t‑sluaigh, gu Haroset nan cinneach: agus thuit sluagh Shisera uile le faobhar a’ chlaidheimh: cha d’fhàgadh uiread is a h‑aon dhiubh.

Agus roinn e an trì cheud fear nan trì cuideachdan, agus chuir e trompaid ann an làimh gach aoin dhiubh, maille ri soithichean falamh, agus lòchrain anns na soithichean.

Agus shèid na trì cuideachdan na trompaidean, agus bhris iad na soithichean, agus chùm iad na lòchrain nan làimh chlì, agus na trompaidean nan làimh dheis gu sèideadh leò: agus ghlaodh iad, Claidheamh an Tighearna agus Ghideoin.

Agus ghabh e an sluagh, agus roinn e iad nan trì cuideachdan, agus rinn e feall-fhalach anns a’ mhachair, agus dh’amhairc e, agus, feuch, bha an sluagh air dol a‑mach as a’ bhaile; agus dh’èirich e nan aghaidh, agus bhuail e iad.

Agus fhreagair Nahas an t‑Amonach iad, Air a’ chumha seo nì mi coicheangal ribh, gun spìon mi a‑mach gach sùil dheas agaibh, agus gun cuir mi am masladh seo air Israel uile.

Agus ghabh Saul an rìoghachd os cionn Israeil, agus chog e air gach làimh an aghaidh a naimhdean gu lèir, an aghaidh Mhòaib, agus an aghaidh chloinn Amoin, agus an aghaidh Edoim, agus an aghaidh rìghrean Shobah, agus an aghaidh nam Philisteach: agus ge bè taobh a thionndaidh e, chlaoidh e iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan