1 Samuel 11:1Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin chaidh Nahas an t‑Amonach suas, agus champaich e an aghaidh Iabeis-ghilead: agus thubhairt uile dhaoine Iabeis ri Nahas, Dèan coicheangal rinn, agus nì sinne seirbhis dhut. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Ben-hadad ris, Na bailtean a thug m’athair-sa od athair-sa, bheir mise air an ais, agus nì thusa sràidean dhut fhèin ann an Damascas, mar a rinn m’athair-sa ann an Samaria. An sin thubhairt Ahab, Leigidh mise air falbh thu leis a’ choicheangal seo. Mar seo rinn e coicheangal ris, agus leig e air falbh e.