Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thèid thu sìos romhamsa gu Gilgal; agus, feuch, thèid mise sìos ad ionnsaigh, a thoirt suas thabhartasan-loisgte, agus a dh’ìobradh ìobairtean thabhartasan-sìth; seachd làithean fanaidh tu, gus an tig mise ad ionnsaigh, agus gun toir mi fios dhut ciod a nì thu.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus ghreas Simei mac Ghera, Beniàmineach, a bha o Bhahurim, air, agus thàinig e a‑nuas maille ri fir Iùdah an coinneamh rìgh Daibhidh.

Agus bheir e seachad cuid de ìobairt nan tabhartas-sìthe, mar thabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna; a shaill agus an t‑earball uile, teann air a’ chnàimh-dhroma bheir e air falbh e; agus an t‑saill a tha a’ còmhdachadh a’ mhionaich, agus an t‑saill uile a tha air a’ mhionach,

Agus thàinig an sluagh a‑nìos à Iòrdan air an deicheamh là den chiad mhìos, agus champaich iad ann an Gilgal, anns an iomall a làimh na h‑àird an ear de Iericho.

Agus chuala Israel uile iomradh gun do bhuail Saul freiceadan nam Philisteach, agus mar an ceudna gu robh Israel air am meas gràineil leis na Philistich: agus ghairmeadh an sluagh an ceann a chèile an dèidh Shauil gu Gilgal.

Agus thubhairt Samuel, Mar a rinn do chlaidheamh-sa mnathan gun chlann, mar sin bidh do mhàthair gun chlann am measg bhan. Agus thug Samuel fa‑near Agag a ghearradh sìos na mhìrean am fianais an Tighearna ann an Gilgal.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan