Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:7

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thig na comharraidhean sin ort, nì thu mar a fhreagras a’ chùis dhut, oir bidh Dia maille riut.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

20 Iomraidhean Croise  

Agus bha Dia leis an òganach; agus dh’fhàs e suas, agus ghabh e còmhnaidh anns an fhàsach, agus bha e na fhear-bogha.

Agus thubhairt Nàtan ris an rìgh, Falbh, dèan gach nì a tha ann ad chridhe; oir tha an Tighearna maille riut.

Ma rinn mi gàirdeachas a chionn gu robh mo bheartas mòr, agus a chionn gun d’fhuair mo làmh mòran;

Agus tàrlaidh, mura creid iad thu, agus mura èisd iad ri guth a’ chiad chomharraidh, gun creid iad guth a’ chomharraidh dheireannaich.

Ge bè nì a gheibh do làmh ra dhèanamh, dèan e led dhìcheall; oir chan eil obair, no innealachd, no eòlas, no gliocas anns an uaigh, da bheil thu a’ dol.

Air an adhbhar sin, bheir an Tighearna fhèin comharradh dhuibh; Feuch, bidh òigh torrach, agus beiridh i mac; agus bheir i Imanuel mar ainm air.

Feuch, bidh maighdeann torrach, agus beiridh i mac, agus bheir iad Emanuel mar ainm air, is ionnan sin ri ràdh, air eadar-theangachadh, Dia maille rinn.)

A’ teagasg dhaibh na h‑uile nithean a dh’àithn mise dhuibh a choimhead. Agus, feuch, tha mise maille ribh a‑ghnàth, gu deireadh an t‑saoghail. Amen.

Agus bidh seo na chomharradh dhuibh: Gheibh sibh an naoidhean paisgte ann am brat-spèilidh, na laighe ann am prasaich.

An sin nuair a chunnaic na daoine sin am mìorbhail a rinn Iosa, thubhairt iad, Gu fìrinneach is e seo am fàidh a bha gu teachd a‑chum an t‑saoghail.

Nuair a thèid thu a‑mach gu cath an aghaidh do naimhdean, agus a chì thu eich agus carbadan, agus sluagh as lìonmhoire na thu fhèin, na biodh eagal ort romhpa: oir tha an Tighearna do Dhia maille riut, a thug a‑mach thu à tìr na h‑Eiphit.

Biodh ur caitheamh-beatha gun sannt; agus bithibh toilichte leis na nithean a tha an làthair agaibh: oir thubhairt e, Chan fhàg, agus cha trèig mi am feasd thu.

Chan urrainn duine sam bith seasamh ad aghaidh uile làithean do bheatha. Mar a bha mi le Maois, mar sin bidh mi leatsa: cha dìobair mi thu, agus cha trèig mi thu.

Nach d’àithn mise dhut? Bi làidir agus ro‑mhisneachail; na bi fo eagal, agus na biodh faitcheas ort: oir tha an Tighearna do Dhia leat anns gach ionad don tèid thu.

Agus dh’fhoillsich aingeal an Tighearna e fhèin dha, agus thubhairt e ris, Tha an Tighearna maille riut, a dhuine thrèin ann an neart.

Agus anns a’ mhadainn mu èirigh na grèine, èiridh tu gu moch, agus bheir thu ionnsaigh air a’ bhaile: agus, feuch, nuair a thig e fhèin agus an sluagh a tha maille ris a‑mach ad aghaidh, an sin nì thu orra mar a bhios ad chomas.

Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile.

Gun dèanadh an Tighearna mar sin, agus nas ro‑mhò ri Ionatan: ach mas toil lem athair olc a dhèanamh ort, an sin foillsichidh mi dhut e, agus cuiridh mi air falbh thu, agus imichidh tu an sìth; agus gu robh an Tighearna maille riut, mar a bha e maille rim athair-sa.

Agus dh’fhàs Samuel suas, agus bha an Tighearna maille ris, agus cha do leig e do aon air bith de a fhacail tuiteam a dh’ionnsaigh an làir.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan