Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus tùirlingidh Spiorad an Tighearna ort, agus nì thu fàidheadaireachd maille riùsan, agus tionndaidhear thu ad dhuine eile.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus thig mise a‑nuas agus labhraidh mi riut an sin: agus gabhaidh mi den spiorad a tha ortsa, agus cuiridh mi orrasan e; agus giùlainidh iad eallach an t‑sluaigh maille riut, a‑chum is nach giùlain thu fhèin e ad aonar.

Agus thàinig an Tighearna a‑nuas ann an neul, agus labhair e ris, agus ghabh e den spiorad a bha air, agus thug e e don deich agus an trì-fichead seanair: agus thàrladh, nuair a ghabh an spiorad còmhnaidh orra, gun do rinn iad fàidheadaireachd, agus nach do sguir iad.

Ach dh’fhan dithis de na daoine anns a’ champ; b’e ainm aoin dhiubh Eldad, agus ainm an fhir eile Medad: agus ghabh an spiorad còmhnaidh orra (agus bha iad dhiubhsan a chaidh a sgrìobhadh, ach cha deachaidh iad a‑mach don phàillean), agus rinn iad fàidheadaireachd anns a’ champ.

Agus thubhairt Maois ris, A bheil farmad ort air mo shon-sa? Is e mo ghuidhe ri Dia gum biodh sluagh an Tighearna uile nam fàidhean, agus gun cuireadh an Tighearna a spiorad orra!

Is iomadh iad a their riumsa anns an là ud, A Thighearna, a Thighearna, nach do rinn sinn fàidheadaireachd ann ad ainm-sa, agus ann ad ainm-sa nach do thilg sinn a‑mach deamhain agus ann ad ainm-sa nach do rinn sinn iomadh mìorbhail?

Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.

Agus nuair a thàinig e gu Lehi, rinn na Philistich iolach a’ dol na choinneamh: agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus dh’fhàs na cùird a bha air a ghàirdeanan mar lìon a loisgeadh le teine, agus dh’fhuasgladh a cheanglaichean bhàrr a làmhan.

Agus bha spiorad an Tighearna air, agus thug e breith air Israel, agus chaidh e a‑mach a chogadh: agus thug an Tighearna thairis da làimh Cusan-risataim, rìgh Mhesopotamia; agus bhuadhaich a làmh an aghaidh Chusan-risataim.

Agus thàinig e o sin don chnoc; agus, feuch, choinnich cuideachd fhàidhean e; agus thùirling spiorad Dhè air, agus rinn e fàidheadaireachd nam measg.

Agus nuair a thionndaidh e a chùl gu falbh o Shamuel, thug Dia dha cridhe eile, agus thàinig na comharraidhean sin uile gu crìch air an là sin fhèin.

Agus thùirling spiorad Dhè air Saul nuair a chuala e an sgeul sin, agus lasadh a fhearg gu mòr.

Agus ghabh Samuel an còrn ola, agus dh’ung e e am measg a bhràithrean: agus thùirling spiorad an Tighearna air Daibhidh, on là sin a‑mach. Agus dh’èirich Samuel, agus chaidh e gu Ramah.

Agus chuir Saul teachdairean a ghlacadh Dhaibhidh: agus nuair a chunnaic iad cuideachd nam fàidhean ri fàidheadaireachd, agus Samuel na sheasamh mar air a shuidheachadh os an cionn, bha spiorad Dhè air teachdairean Shauil, agus rinn iadsan fàidheadaireachd mar an ceudna.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan