Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thèid thu air d’aghaidh as a sin, agus thig thu a dh’ionnsaigh còmhnard Thaboir, agus coinnichidh tu an sin triùir dhaoine a’ dol suas a dh’ionnsaigh Dhè gu Betel, aon dhiubh a’ giùlan trì minn, agus aon eile a’ giùlan trì buileannan arain, agus aon eile a’ giùlan searrag fhìona:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thug e Betel mar ainm air an àite sin: ach b’e Luds ainm a’ bhaile sin air tùs.

Agus bidh a’ chlach seo, a chuir mi suas na carragh, na taigh aig Dia: agus de gach nì a bheir thu dhomh, bheir mi gu cinnteach an deicheamh dhut.

Agus thubhairt Dia ri Iàcob, Eirich, imich suas gu Betel, agus gabh còmhnaidh an sin; agus dèan an sin altair do Dhia, a dh’fhoillsich e fhèin dhut nuair a theich thu o ghnùis Esau, do bhràthair.

Agus èireamaid, agus rachamaid suas gu Betel; agus nì mise an sin altair do Dhia, a dh’èisd rium ann an là mo chruaidh-chàis, agus a bha maille rium anns an t‑slighe air an deachaidh mi.

Chruthaich thusa an àird a tuath agus an àird a deas; nì Tabor agus Hermon gàirdeachas ann ad ainm.

Agus thàinig Hanameel, mac bràthar-m’athar, am ionnsaigh ann an cùirt a’ phrìosain, a rèir facal an Tighearna, agus thubhairt e rium, Ceannaich, guidheam ort, m’achadh a tha ann an Anatot ann an dùthaich Bheniàmin: oir is leatsa a’ chòir-sheilbhe, agus is leatsa a fuasgladh, ceannaich i dhut fhèin: an sin dh’aithnich mi gum b’e seo facal an Tighearna.

Agus mas ann de na treudan a bhios a thabhartas, eadhon de na caoraich, no de na gobhair, a‑chum ìobairt-loisgte, na bheathach fireann gun ghaoid bheir e leis e.

Agus is e a thabhartas-bìdh dà dheicheamh earrainn de fhlùr mìn measgte le ola, tabhartas a bheirear suas le teine don Tighearna, a‑chum fàile chùbhraidh: agus bidh a thabhartas-dibhe de fhìon, an ceathramh cuid de hin.

Agus mas gobhar a bhios na thabhartas, bheir e seachad i an làthair an Tighearna.

Agus mas ann den treud a bhios a thabhartas a-chum ìobairt thabhartas-sìthe don Tighearna, fireann no boireann, bheir e seachad e gun ghaoid.

A thuilleadh air na breacagan, bheir e seachad mar a thabhartas aran gortaichte, maille ri ìobairt-bhuidheachais a thabhartasan-sìthe.

Agus thill i o Shared a làimh na h‑àird an ear, leth ri èirigh na grèine, gu crìch Chislot-taboir; agus an sin tha i a’ dol a‑mach gu Daberat, agus a’ dol suas gu Iaphia,

Agus tha a’ chrìoch a’ ruigheachd gu Tabor, agus Sahasimah, agus Bet-semes, agus bha dol a‑mach an crìche aig Iòrdan: sia mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga.

Agus dh’èirich clann Israeil, agus chaidh iad suas gu taigh Dhè, agus dh’fhiosraich iad de Dhia, agus thubhairt iad, Cò dhinn a thèid suas air tùs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin? Agus thubhairt an Tighearna, Thèid Iùdah suas air tùs.

(Agus chaidh clann Israeil suas, agus ghuil iad am fianais an Tighearna gu feasgar, agus dh’fhiosraich iad den Tighearna, ag ràdh, An tèid mi suas a‑rìs gu cath an aghaidh chloinn Bheniàmin, mo bhràthair? Agus thubhairt an Tighearna, Rachaibh suas na aghaidh.)

Agus dh’fhiosraich clann Israeil den Tighearna, (oir bha àirc coicheangal Dhè an sin anns na làithean sin;

Agus dh’innis iad do Shisera gun deachaidh Barac mac Abinoaim suas gu sliabh Thaboir.

Agus chuir i fios, agus ghairm i Barac, mac Abinoaim, a‑mach à Cedes-naphtali, agus thubhairt i ris, Nach d’àithn an Tighearna Dia Israeil, ag ràdh, Imich, agus tarraing gu sliabh Thaboir, agus thoir leat deich mìle fear de chloinn Naphtali, agus de chloinn Shebuluin;

An sin thubhairt e ri Sèba agus ri Salmuna, Ciod a’ ghnè dhaoine a mharbh sibh ann an Tabor? Agus fhreagair iad, Mar tha thusa, is amhail a bha iadsan; gach aon cosmhail ri cloinn rìgh.

Agus cuiridh iad fàilte ort, agus bheir iad dhut dà bhuileann arain, agus gabhaidh tu as an làimh iad.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan