Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.
Agus thachair gu robh duine an sin le Belial dom b’ainm Sèba, mac Bhichri, Beniàmineach; agus shèid e trompaid, agus thubhairt e, Chan eil againne cuibhreann sam bith ann an Daibhidh, agus chan eil oighreachd sam bith againn ann am mac Iese: gach fear a dh’ionnsaigh a bhùthan, O Israeil.
Agus bhuail e na Mòabaich, agus thomhais e iad le còrd, gan tilgeadh sìos gu làr: eadhon le dà chòrd thomhais e a thabhairt bàis, agus le aon chòrd iomlan a ghleidheadh beò. Agus bha na Mòabaich nan seirbhisich aig Daibhidh, agus thug iad tìodhlacan leo.
Agus thug iad leo gach fear a thìodhlac; soithichean airgid agus soithichean òir, agus trusganan, agus airm, agus spìosraidh, eich agus muileidean; cuibhreann bliadhna anns gach bliadhna.
Agus rìghich Solamh os cionn nan rìoghachdan uile, on abhainn gu tìr nam Philisteach, agus gu ruig crìoch na h‑Eiphit: thug iad leo tìodhlacan, agus rinn iad seirbhis do Sholamh rè uile làithean a bheatha.
Agus chuir Hiram, rìgh Thìruis, a sheirbhisich a dh’ionnsaigh Sholaimh, nuair a chuala e gun d’ungadh e na rìgh an àit a athar: oir bha spèis aig Hiram do Dhaibhidh rè a uile làithean.
Agus chruinnich da ionnsaigh daoine faoine, mic Bheliail, agus neartaich iad iad fhèin an aghaidh Rehobòaim mhic Sholaimh, nuair a bha Rehobòam òg agus tais-chridheach, agus nach b’urrainn e cur nan aghaidh.
Uime sin dhaingnich an Tighearna an rìoghachd na làimh; agus thug Iùdah uile tìodhlacan gu Iehosaphat: agus bha aige beartas agus urram ann am pailteas.
Agus air dol a‑steach dhaibh don taigh, fhuair iad an naoidhean maille ra mhàthair Muire, agus thuit iad sìos, agus rinn iad adhradh dha: agus air fosgladh an ionmhas dhaibh, thug iad dha tìodhlacan; òr, agus tùis, agus mirr.
Am Maois seo fhèin a dhiùlt iadsan, ag ràdh, Cò a rinn uachdaran agus britheamh dhìotsa? Esan chuir Dia gu bhith na uachdaran agus na fhear-saoraidh le làimh an aingil a dh’fhoillsicheadh dha anns a’ phreas.
Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;
Agus ghabh Iese asal luchdaichte le aran, agus searrag fhìona, agus meann de na gobhair, agus chuir e iad le làimh Dhaibhidh a mhac a dh’ionnsaigh Shauil.
A‑nis, air an adhbhar sin biodh fhios agad agus smaoinich ciod a nì thu; oir shònraicheadh olc an aghaidh ar maighistir, agus an aghaidh a thaighe uile: agus is mac do Bhelial esan, air chor is nach faod neach labhairt ris.