Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:24

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Samuel ris an t‑sluagh uile, Am faic sibh esan a thagh an Tighearna, nach eil neach cosmhail ris am measg an t‑sluaigh uile? Agus rinn an sluagh uile iolach, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

14 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a thàinig Husai an t‑Arcach, caraid Dhaibhidh, a dh’ionnsaigh Absaloim, thubhairt Husai ri Absalom, Guma fada beò an rìgh, guma fada beò an rìgh.

Thugar dhuinn seachdnar de a mhic-san, agus crochaidh sinn suas iad don Tighearna, ann an Gibeah Shauil, a thagh an Tighearna. Agus thubhairt an rìgh, Bheir mi dhuibh iad.

Oir, mura innis, tàrlaidh nuair a chaidleas mo thighearna an rìgh maille ra athraichean, gum measar mise agus mo mhac Solamh nar ciontaich.

Oir chaidh e sìos an‑diugh, agus mharbh e buar, agus sprèidh reamhar, agus caoraich gu lìonmhor; agus thug e cuireadh do mhic an rìgh uile, agus do cheannardan an t‑slòigh, agus do Abiatar an sagart; agus, feuch, tha iad ag ithe agus ag òl na làthair, agus their iad, Guma fada beò an rìgh Adoniah,

Agus ungadh Sadoc an sagart, agus Nàtan am fàidh, an sin e na rìgh air Israel: agus sèidibh-se an trompaid, agus abraibh, Guma fada beò rìgh Solamh.

Agus thug Sadoc an sagart còrn ola as a’ phàillean, agus dh’ung e Solamh; agus shèid iad an trompaid, agus thubhairt an sluagh uile, Guma fada beò rìgh Solamh.

Agus thug e a‑mach mac an rìgh, agus chuir e an crùn air, agus thug e dha an fhianais; agus rinn iad na rìgh e, agus dh’ung iad e, agus bhuail iad am basan, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus thug iad a‑mach mac an rìgh, agus chuir iad an crùn air, agus thug iad dha an fhianais, agus rinn iad na rìgh e: agus dh’ung Iehoiada agus a mhic e, agus thubhairt iad, Guma fada beò an rìgh.

Agus thog an sluagh a bha roimhe agus na dhèidh iolach, ag ràdh, Hosanna do Mhac Dhaibhidh! Beannaichte gu robh an Tì a thig ann an ainm an Tighearna! Hosanna anns na h‑àrdan!

Cuiridh tu, air gach aon chor, esan na rìgh os do chionn a thaghas an Tighearna do Dhia; aon o mheasg do bhràithrean cuiridh tu na rìgh os do chionn: chan fhaod thu coigreach a chur os do chionn, nach eil na bhràthair dhut.

Agus chaidh an sluagh uile gu Gilgal, agus rinn iad Saul an sin na rìgh am fianais an Tighearna ann an Gilgal; agus dh’ìobair iad an sin ìobairtean thabhartas-sìthe am fianais an Tighearna: agus rinn Saul an sin agus fir Israeil uile gàirdeachas mòr.

Agus thubhairt Samuel ri Israel uile, Feuch, dh’èisd mi ri ur guth anns gach nì a thubhairt sibh rium, agus rinn mi rìgh os ur cionn.

A‑nis uime sin, feuch an rìgh a thagh sibh, agus a dh’iarr sibh: agus feuch, chuir an Tighearna rìgh os ur cionn.

Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan