Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:21

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a thug e air treubh Bheniàmin teachd am fagas a rèir an teaghlaichean, ghabhadh teaghlach Mhatri: agus nuair a thug e air teaghlach Mhatri teachd am fagas a lìon fear agus fear, ghabhadh Saul mac Chis: agus nuair a dh’iarr iad e, cha d’fhuaireadh e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasan Bheniàmin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasan Dhaibhidh ann an Hebron gach nì a bha taitneach ann an sùilean Israeil, agus ann an sùilean taigh Bheniàmin uile.

Bheir an crannchur air aimhreitean sgur, agus roinnidh e eadar na cumhachdaich.

Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah.

Agus na dhèidh sin dh’iarr iad rìgh: agus thug Dia dhaibh Saul mac Chis, duine de threubh Bheniàmin, rè dà‑fhichead bliadhna.

Agus nuair a thug Samuel air uile threubhan Israeil teachd am fagas, ghabhadh treubh Bheniàmin.

Uime sin dh’fhiosraich iad fhathast den Tighearna, an tigeadh an duine fhathast an sin; agus fhreagair an Tighearna, Feuch, dh’fhalaich e e fhèin am measg na h‑àirneis.

Agus bha mac aige dom b’ainm Saul, rogha òigfhir, agus e tlachdmhor; agus cha robh am measg chloinn Israeil fear a bu tlachdmhoire na e: o a ghuaillean agus o sin suas b’àirde e na an sluagh uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan