Agus labhair Abner mar an ceudna ann an cluasan Bheniàmin: agus chaidh Abner mar an ceudna a labhairt ann an cluasan Dhaibhidh ann an Hebron gach nì a bha taitneach ann an sùilean Israeil, agus ann an sùilean taigh Bheniàmin uile.
Agus thubhairt iad gach aon ra chompanach, Thigibh, agus tilgeamaid croinn, a‑chum gun aithnich sinn cò airson a tha an t‑olc seo air teachd oirnn. Mar sin thilg iad croinn, agus thuit an crannchur air Ionah.
Mu Bheniàmin thubhairt e, Gabhaidh aon gràdhach an Tighearna còmhnaidh ann an tèarainteachd làimh ris; agus còmhdaichidh an Tighearna e rè an là uile, agus gabhaidh e còmhnaidh eadar a ghuaillean.
Gidheadh, chuir sibhse an‑diugh cùl ri ur Dia, esan a shaor sibh o ur n‑uilc agus ur teanntachdan gu lèir: agus thubhairt sibh, Chan eadh, ach cuiridh tu rìgh os ar cionn. A‑nis uime sin, nochdaibh sibh fhèin am fianais an Tighearna, a rèir ur treubhan, agus a rèir ur mìltean.
Agus nuair a thug e air treubh Bheniàmin teachd am fagas a rèir an teaghlaichean, ghabhadh teaghlach Mhatri: agus nuair a thug e air teaghlach Mhatri teachd am fagas a lìon fear agus fear, ghabhadh Saul mac Chis: agus nuair a dh’iarr iad e, cha d’fhuaireadh e.
Agus thubhairt Saul, Thigibh am fagas an seo, sibhse uile mhaithean an t‑sluaigh, agus biodh fhios agaibh, agus faicibh, càit an robh am peacadh seo an‑diugh.