Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:2

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Nuair a dh’imicheas tu an‑diugh uamsa, an sin gheibh thu dithis dhaoine làimh ri uaigh Racheil, ann an crìch Bheniàmin ann an Selsah: agus their iad riut, Fhuaireadh na h‑asail a chaidh thu a dh’iarraidh; agus, feuch, leig d’athair dheth cùram nan asal, agus tha smuairean air mur timcheall-se, ag ràdh, Ciod a nì mi airson mo mhic?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

7 Iomraidhean Croise  

Agus dh’imich iad o Bhetel, agus cha robh ach astar beag aca ri teachd gu Ephrat: agus thàinig tinneas cloinne air Rachel, agus bha saothair chruaidh oirre.

Agus air mo shon-sa dheth, nuair a thàinig mi o Phadan, fhuair Rachel bàs agam ann an tìr Chanàain, air an t‑slighe, nuair nach robh fhathast ach astar goirid ri teachd gu Ephrat: agus dh’adhlaic mi an sin i air an t‑slighe gu Ephrat; is e sin Betlehem.

Mar seo deir an Tighearna, Chualas guth ann an Ramah, caoidh, gul ro‑ghoirt; Rachel a’ gul airson a cloinne; dhiùlt i comhfhurtachd airson a cloinne, a chionn nach eil iad ann.

Agus Selah, Eleph, agus Iebusi (is e sin Ierusalem), Gibeat, agus Ciriat: ceithir mòr-bhailtean deug lem bailtean beaga. B’i sin oighreachd chloinn Bheniàmin, a rèir an teaghlaichean.

Agus thubhairt Saul ri bràthair a athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gun d’fhuaireadh na h‑asail; ach a‑thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan