Agus thubhairt Saul ri bràthair a athar, Dh’innis e dhuinn gu cinnteach gun d’fhuaireadh na h‑asail; ach a‑thaobh na rìoghachd, cha d’innis e dha ciod a thubhairt Samuel.
Agus dh’imich Maois agus thill e gu Ietro a athair-cèile, agus thubhairt e ris, Thèid mi a‑nis, agus tillidh mi a‑chum mo bhràithrean a tha anns an Eiphit, agus chì mi a bheil iad fhathast beò. Agus thubhairt Ietro ri Maois, Imich ann an sìth.
Agus thàinig spiorad an Tighearna air gu treun, agus reub e e mar a reubadh e meann, agus cha robh nì air bith na làimh: ach cha d’innis e da athair no da mhàthair ciod a rinn e.
Agus ghabh e dhith na làmhan, agus chaidh e air aghaidh ag ithe, agus thàinig e a dh’ionnsaigh a athar agus a mhàthar, agus thug e dhaibh, agus dh’ith iad: ach cha d’innis e dhaibh gum b’ann à closaich an leòmhainn a thug e a’ mhil.
Agus a‑thaobh nan asal agad a chailleadh o chionn trì làithean, na suidhich d’inntinn orra, oir fhuaireadh iad: agus cò air a bheil uile dhèigh Israeil? Nach ann ortsa, agus air uile thaigh d’athar?
Agus nuair a bha iad a’ dol sìos gu iomall a’ bhaile, thubhairt Samuel ri Saul, Abair ris an òganach dol air aghaidh romhainn, (agus chaidh e air aghaidh,) ach seas thusa tamall, agus cuiridh mi an cèill dhut facal Dhè.