Agus fhreagair duine as an àite sin, agus thubhairt e, Ach cò e an athair? Uime sin bha e na ghnàth-fhacal, A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean?
Tha e sgrìobhte anns na fàidhean, Agus bidh iad uile air an teagasg o Dhia. Uime sin gach neach a chuala, agus a dh’fhòghlaim on Athair, thig e am ionnsaigh-sa.
Tha gach uile dheagh thabhartas agus gach uile thìodhlac iomlan on àirde, a’ teachd a‑nuas o Athair na soillse, maille ris nach eil atharrachadh, no sgàil tionndaidh.
Agus chaidh e an sin gu Naiot ann an Ramah: agus bha spiorad Dhè air-san mar an ceudna, agus chaidh e air aghaidh, agus rinn e fàidheadaireachd, gus an tàinig e gu Naiot ann an Ramah.
Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean?