Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 10:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

A‑nis nuair a chunnaic iadsan uile a ghabh eòlas air roimhe, feuch, gun do rinn e fàidheadaireachd maille ris na fàidhean, an sin thubhairt an sluagh gach aon ri chèile, Ciod e seo a thàinig air mac Chis? A bheil Saul cuideachd am measg nam fàidhean?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

10 Iomraidhean Croise  

An sin fhreagair Amos, agus thubhairt e ri Amasiah, Cha b’fhàidh mise, cha mhò a bu mhac fàidh mi; ach bu bhuachaille sprèidhe mi, agus fear-tionail meas sicamoir:

Agus thug an Tighearna mi o bhith a’ leantainn an treud: agus thubhairt an Tighearna rium, Falbh, dèan fàistneachd dom phoball Israel.

Agus ghabh na h‑Iùdhaich iongantas, ag ràdh, Cionnas as aithne don duine seo litrichean, agus nach d’fhòghlaim e?

Agus dh’aithnich iad esan gum b’e a bha na shuidhe aig geata Sgiamhach an teampaill ag iarraidh dèirce: agus lìonadh iad le iongantas agus le uamhas airson an nì sin a thachair dha.

A‑nis nuair a chunnaic iad dànachd Pheadair agus Eòin, agus a thuig iad gum bu daoine gun fhòghlam agus cumanta iad, ghabh iad iongantas; agus dh’aithnich iad iad gu robh iadsan maille ri Iosa.

Ach bha na h‑uile a chuala e fo uamhas, agus thubhairt iad, Nach e seo esan a bha a’ sgrios ann an Ierusalem na muinntir a bha a’ gairm air an ainm seo, agus a thàinig an seo a‑chum na crìche seo, gun tugadh e ceangailte iad a dh’ionnsaigh uachdarain nan sagart?

Agus chuir esan cuideachd a aodach dheth, agus rinn e fàidheadaireachd am fianais Shamueil air an dòigh cheudna: agus laigh e sìos lomnochd rè an là sin agus rè na h‑oidhche. Uime sin their iad, A bheil Saul mar an ceudna am measg nam fàidhean?




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan