1 Samuel 10:1Am Bìoball Gàidhlig 1992An sin ghabh Samuel còrn ola, agus dhòirt e air a cheann e, agus phòg e e, agus thubhairt e, Nach ann a chionn gun d’ung an Tighearna thu gu bhith ad cheannard air a oighreachd fhèin? Faic an caibideil |
Feuch, tha mi an seo; thugaibh fianais am aghaidh an làthair an Tighearna, agus an làthair a Aoin ungte: cò esan on tug mi a dhamh? Agus cò esan on tug mi a asal? Agus cò esan air an do rinn mi foill? Cò esan o a làimh an do ghabh mi duais, a‑chum mo shùilean a dhalladh leatha? Agus aisigidh mi dhuibh.