Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:9

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

9 Iomraidhean Croise  

Thubhairt an rìgh ri Nàtan am fàidh, Feuch a‑nis, tha mise am chòmhnaidh ann an taigh seudair, ach tha àirc Dhè na còmhnaidh an taobh a‑staigh de chùirteanan.

Aon nì ghuidh mi air an Tighearna, sin iarraidh mi, a bhith am chòmhnaidh ann an taigh an Tighearna rè uile làithean mo bheatha, a‑chum gum faicinn maise an Tighearna, agus gum fiosraichinn na theampall;

Bheir guth an Tighearna air na h‑èildean an laoigh a thilgeadh, agus lomaidh e na coilltean; agus na theampall cuiridh gach neach an cèill a ghlòir.

Ach air mo shon-sa, ann an lìonmhorachd do thròcair thig mi a‑steach dod thaigh; sleuchdaidh mi aig do theampall naomh ann ad eagal.

An sin bheir a mhaighistir e a‑chum nam britheamh; bheir e mar an ceudna a‑chum an dorais e, no a‑chum ursann an dorais, agus tollaidh a mhaighistir a chluas le minidh, agus nì e seirbhis dha gu bràth.

Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt.

Agus laigh Samuel gu madainn, agus dh’fhosgail e dorsan taigh an Tighearna: agus bha eagal air Samuel an taisbeanadh innse do Eli.

Agus mun deachaidh lòchran Dhè as, nuair a bha Samuel na laighe ann an teampall an Tighearna, far an robh àirc Dhè;

Agus nuair a thàinig e, feuch, bha Eli na shuidhe air cathair làimh ris an t‑slighe, a’ coimhead: oir bha a chridhe air chrith airson àirc Dhè. Agus nuair a thàinig an duine don bhaile, agus a dh’innis e e, dh’èigh am baile uile.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan