Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:8

Am Bìoball Gàidhlig 1992

An sin thubhairt Elcanah a fear rithe, A Hanah, carson a tha thu a’ gul? Agus carson a tha do chridhe air a chràdh? Nach fheàrr mise dhut na deich mic?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt Hasael, Carson a tha mo thighearna a’ gul? Agus fhreagair esan, A chionn gu bheil fhios agam air an olc a nì thusa do chloinn Israeil: an daingnichean làidir cuiridh tu ri theine, agus an daoine òga marbhaidh tu leis a’ chlaidheamh, agus an clann bheag bruthaidh tu, agus am mnathan torrach reubaidh tu suas.

Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich.

An sin thèid mi a dh’ionnsaigh altair Dhè, a dh’ionnsaigh Dhè, m’aoibhneas ro‑mhòr, agus molaidh mi thu air a’ chlàrsaich, a Dhè, mo Dhia.

Seinn, a bhean aimrid nach do rug clann; seinn gu luath-ghaireach, agus dèan iolach àrd, thusa nach robh ri saothair chloinne; oir is lìonmhoire clann na mnà aonaranaich na clann na mnà pòsda, deir an Tighearna.

Oir mar mhnaoi air a trèigsinn, agus fo àmhghar na spiorad, ghairm an Tighearna thu, agus mar mhnaoi a phòsadh na h‑òige, a chionn gun do chuireadh air falbh thu, deir an Tighearna.

Agus thubhairt iadsan rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Thubhairt i riu, Airson gun tug iad mo Thighearna leo, agus nach eil fhios agam càit an do chuir iad e.

Thubhairt Iosa rithe, A bhean, carson a tha thu a’ gul? Cò a tha thu ag iarraidh? Air saoilsinn dhise gum b’e an gàrradair a bha ann, thubhairt i ris, A thighearna, ma thug thusa leat e, innis dhòmhsa càit an do chuir thu e, agus bheir mise leam e.

A‑nis guidheamaid oirbh, a bhràithrean, thugaibh rabhadh dhaibhsan a tha mì‑riaghailteach, thugaibh comhfhurtachd dhaibhsan a tha lag-chridheach, cumaibh suas iadsan a tha anfhann, bithibh foighidinneach a‑thaobh nan uile dhaoine.

Agus bidh e dhut na fhear ath-nuadhachadh do bheatha, agus na fhear-altraim do sheann aois, oir is i do bhan-chliamhainn, aig a bheil gràdh dhut, as fheàrr dhut na seachd mic, a rug e.

Agus mar sin rinn e gach bliadhna nuair a thàinig i a‑nìos do thaigh an Tighearna, mar sin bhrosnaich i i. Uime sin ghuil i, agus chan itheadh i.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan