Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:6

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhrosnaich a h‑eascaraid i mar an ceudna gu feirg, a thoirt oirre gearan a dhèanamh, a chionn gun do dhruid an Tighearna a brù.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus nuair a chunnaic Rachel nach do rug i clann do Iàcob, bha farmad aig Rachel ra piuthar, agus thubhairt i ri Iàcob, Thoir dhomh clann, no gheibh mi bàs.

Agus cha robh duine-cloinne aig Michal nighean Shauil gu là a bàis.

Bidh e olc ris a’ mhnaoi neo-thorraich, nach beir clann; agus don bhantraich cha dèan e math.

Dhàsan a thrèigeas a charaid is mòr am masladh e; trèigidh e mar an ceudna eagal an Uile-chumhachdaich.

Cha mhò a ghabhas tu bean maille ra piuthair, a‑chum a buaireadh, a leigeadh ris a nochd, a thuilleadh air an tè eile, am feadh as beò i.

Agus thubhairt i ra h‑athair, Dèanar an nì seo air mo shon-sa: Leigear leam dà mhìos a‑chum gun imich mi suas agus sìos air na beanntan, agus gun dèan mi caoidh airson m’òigheachd, mi fhèin agus mo bhana-chompanaich.

Agus mar sin rinn e gach bliadhna nuair a thàinig i a‑nìos do thaigh an Tighearna, mar sin bhrosnaich i i. Uime sin ghuil i, agus chan itheadh i.

Agus rinn Hanah ùrnaigh, agus thubhairt i, Tha mo chridhe a’ dèanamh gàirdeachais anns an Tighearna; dh’àrdaicheadh m’adharc anns an Tighearna; rinneadh mo bheul farsaing os cionn mo naimhdean, do bhrìgh gu bheil mi aoibhneach ann ad shlàinte-sa.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan