Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:3

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thàinig an duine seo a‑nìos as a bhaile gach bliadhna, a dhèanamh adhraidh agus a dh’ìobradh do Thighearna nan sluagh ann an Siloh: agus bha dà mhac Eli, Hophni agus Phinehas, sagartan an Tighearna, an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

22 Iomraidhean Croise  

Agus thrèig e pàillean Shiloh, am bùth a shuidhich e am measg dhaoine;

Trì uairean cumaidh tu fèill dhòmhsa anns a’ bhliadhna.

Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar gach fireann agad an làthair an Tighearna Dia.

Trì uairean anns a’ bhliadhna nochdar do mhic uile an làthair an Tighearna Iehòbhah, Dia Israeil:

Agus chaidh a phàrantan gach bliadhna gu Ierusalem, aig fèill na càisge.

Trì uairean anns a’ bhliadhna taisbeinear d’fhireannaich uile an làthair an Tighearna do Dhia, anns an ionad a thaghas e; ann am fèill an arain neo-ghortaichte, agus ann am fèill nan seachdain, agus ann am fèill nam pàillean: agus cha taisbeinear iad an làthair an Tighearna falamh.

Agus chruinnich coitheanal chloinn Israeil uile an ceann a chèile aig Siloh, agus chuir iad suas pàillean a’ choitheanail an sin, agus cheannsaicheadh an tìr romhpa.

Agus chuir iad suas dhaibh fhèin dealbh snaidhte Mhicah, a rinn e, rè na h‑ùine a bha taigh Dhè ann an Siloh.

An sin thubhairt iad, Feuch, tha fèill an Tighearna ann an Siloh gach bliadhna, anns an àit a tha air an taobh mu thuath de Bhetel, air an taobh an ear den rathad mhòr a tha a’ dol suas o Bhetel gu Sechem, agus air an taobh mu dheas de Lebonah.

Agus chaidh an duine Elcanah, agus a thaigh uile, suas a dh’ìobradh don Tighearna na h‑ìobairt bhliadhnail, agus a choileanadh a bhòide.

Agus dh’èirich Hanah suas an dèidh dhaibh ithe ann an Siloh, agus an dèidh dhaibh òl: (a‑nis bha Eli an sagart na shuidhe air cathair làimh ri ursainn ann an teampall an Tighearna:)

Agus bha Ahiah mac Ahituib, bràthair Ichaboid, mac Phinehais, mhic Eli, sagart an Tighearna, ann an Siloh ag iomchar èphoid. Ach cha robh fhios aig an t‑sluagh gun d’fhalbh Ionatan.

Agus rinn a mhàthair dha còta beag, agus thug i da ionnsaigh e o bhliadhna gu bliadhna, nuair a chaidh i suas maille ra fear a dh’ìobradh na h‑ìobairt bhliadhnail.

Agus bidh seo na chomharradh dhut, a thig air do dhithis mhac, air Hophni agus Phinehas ann an aon là bàsaichidh iad le chèile.

Oir dh’innis mi dha gun toir mi breith air a thaigh gu bràth, airson na h‑aingidheachd air a bheil e fiosrach; a chionn gun tug a mhic masladh dhòmhsa, agus nach do chaisg esan iad.

Agus ghlacadh àirc Dhè; agus fhuair dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, bàs.

Agus chuir an sluagh daoine gu Siloh, a‑chum gun tugadh iad à sin àirc coicheangal Tighearna nan sluagh, a tha a chòmhnaidh eadar na ceruban: agus bha dithis mhac Eli, Hophni agus Phinehas, an sin maille ri àirc coicheangal Dhè.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan