Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:28

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus chrom an duine e fhèin sìos, agus rinn e adhradh don Tighearna.

Agus chrom mi sìos mo cheann, agus rinn mi adhradh don Tighearna, agus bheannaich mi an Tighearna, Dia mo mhaighistir Abrahàm, a threòraich mi anns an t‑slighe cheirt, a ghabhail nighean bràthair mo mhaighistir da mhac.

Agus nuair a chuala seirbhiseach Abrahàim am briathran, chrom e e fhèin gu làr don Tighearna.

Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean?

Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna.

Agus o bha thu ad leanabh gum b’aithne dhut na sgriobtairean naomha, a tha comasach air do dhèanamh glic a‑chum slàinte, tre an chreideamh a tha ann an Iosa Crìosd.

Agus nuair a chuala Gideon aithris na h‑aislinge, agus a h‑eadar-mhìneachadh, rinn e adhradh; agus thill e gu feachd Israeil, agus thubhairt e, Eiribh, oir thug an Tighearna thairis dur làimh feachd Mhidiain.

Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.

Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth.

Agus dh’imich Elcanah gu Ramah da thaigh; agus fhritheil an leanabh don Tighearna am fianais Eli, an sagart.

Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.

Agus thubhairt Daibhidh ri Achis, Gu deimhinn bidh fhios agad ciod a nì do sheirbhiseach. Agus thubhairt Achis ri Daibhidh, Uime sin nì mi fear-gleidhidh mo chinn dhìot gu bràth.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan