Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:27

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Airson an leinibh seo rinn mi ùrnaigh; agus thug an Tighearna dhomh m’iarrtas a dh’iarr mi air:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e.

Ann an teinn ghairm mi air an Tighearna; fhreagair an Tighearna mi, gam chur ann an ionad farsaing.

Am èiginn ghlaodh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium.

Chuala an Tighearna m’athchuinge; gabhaidh an Tighearna rim ùrnaigh.

Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna.

Iarraibh, agus bheirear dhuibh: siribh, agus gheibh sibh: buailibh an doras, agus fosglar dhuibh:

Agus ma tha fhios againn gun èisd e rinn, ge bè nì a dh’iarras sinn, tha fhios againn gu bheil ar n‑iarrtais, a dh’iarr sinn air, againn.

Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan