1 Samuel 1:26Am Bìoball Gàidhlig 1992Agus thubhairt i, Mo thighearna, mar as beò d’anam, mo thighearna, is mise a’ bhean a sheas làimh riut an seo a’ dèanamh ùrnaigh ris an Tighearna. Faic an caibideil |
Agus thubhairt Uriah ri Daibhidh, Tha an àirc, agus Israel, agus Iùdah a’ fantainn ann am pàilleanan; agus tha mo thighearna, Ioab, agus seirbhisich mo thighearna, air campachadh air aghaidh na machrach; an tèid mise matà a‑steach dom thaigh, a dh’ithe, agus a dh’òl, agus a laighe lem mhnaoi? Mar as beò thusa, agus mar as beò d’anam, cha dèan mi an nì seo.
Agus thubhairt an rìgh, Nach eil làmh Ioaib maille riut anns an nì seo uile? Agus fhreagair a’ bhean agus thubhairt i, Mar as beò d’anam, a thighearna, a rìgh, chan eil claonadh sam bith a dh’ionnsaigh na làimhe deise no a dh’ionnsaigh na làimhe clìthe ann an nì air bith a labhair mo thighearna, an rìgh: oir do sheirbhiseach Ioab, is esan a chuir ann am beul do bhanoglaich na briathran seo uile:
Agus mhionnaich Daibhidh cuideachd, agus thubhairt e, Tha gu cinnteach fios aig d’athair gun d’fhuair mise deagh-ghean ad shùilean, agus their e, Na biodh fios aig Ionatan air seo, air eagal gum bi doilgheas air: ach gu deimhinn mar as beò an Tighearna, agus mar as beò d’anam, chan eil ach ceum eadar mise agus am bàs.