Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:23

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt Elcanah a fear rithe, Dèan mar as math leat; fan gus an cuir thu bhàrr na cìche e; a‑mhàin daingnicheadh an Tighearna a fhacal. Agus dh’fhan a’ bhean, agus thug i cìoch da leanabh, gus an do chuir i bhàrr na cìche e.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis, a Thighearna Dhè, am facal a labhair thu a‑thaobh do sheirbhisich, agus a‑thaobh a thaighe, dèan seasmhach e gu bràth; agus dèan mar a thubhairt thu.

Agus dh’èirich mi anns a’ mhadainn a thoirt cìche dom mhac, agus, feuch, bha e marbh. Ach nuair a thug mi an aire dha anns a’ mhadainn, feuch, cha b’e mo mhac-sa a bha ann, a rug mi.

Ach is tusa an Tì a thug a‑mach as a’ bhroinn mi; bu tu adhbhar mo dhòchais air cìch mo mhàthar.

A dhaingnicheas facal a sheirbhisich, agus a choileanas comhairle a theachdairean; a their ri Ierusalem, Bidh tu air d’àiteachadh; agus ri bailtean Iùdah, Bidh sibh air ur togail; agus a h‑ionadan fàsail togaidh mi suas:

Ach ma chuir a fear gu tur air chùl iad anns an là anns an cuala e iad, an sin ge bè nì a thàinig a‑mach as a beul a‑thaobh a bòidean, no a‑thaobh ceangal a h‑anam, cha seas e: chuir a fear air chùl iad, agus bheir an Tighearna maitheanas dhi.

Agus is an‑aoibhinn do na mnathan torrach, agus dhaibhsan a bheir cìoch uapa anns na làithean sin.

Agus nuair a bha e a’ labhairt nan nithean seo, thog bean àraidh den t‑sluagh a guth, agus thubhairt i ris, Is beannaichte a’ bhrù a ghiùlain thu, agus na cìochan a dheoghail thu.

An sin fhreagair Eli agus thubhairt e, Imich ann an sìth: agus gun tugadh Dia Israeil dhut d’iarrtas a dh’iarr thu air.

Agus thubhairt Saul, Rachamaid sìos an dèidh nam Philisteach anns an oidhche, agus creachamaid iad gu solas na maidne, agus na fàgamaid fear dhiubh. Agus thubhairt iadsan, Dèan gach nì as math leat. An sin thubhairt an sagart, Thigeamaid am fagas an seo a dh’ionnsaigh Dhè.

An sin thubhairt e ri Israel uile, Bithibh-se air aon taobh, agus bidh mise agus mo mhac Ionatan air an taobh eile. Agus thubhairt an sluagh ri Saul, Dèan an nì as math leat.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan