Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:20

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Uime sin thàrladh, nuair a thàinig an t‑àm mun cuairt, an dèidh do Hanah fàs torrach, gun do rug i mac; agus thug i Samuel mar ainm air, ag ràdh, Do bhrìgh gun d’iarr mi e air an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

13 Iomraidhean Croise  

Agus thubhairt aingeal an Tighearna rithe, Feuch, tha thu torrach, agus beiridh tu mac, agus bheir thu Ismael mar ainm air; do bhrìgh gun d’èisd an Tighearna rid anshocair.

Agus chuimhnich Dia air Rachel agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg.

Agus dh’aithnich Adhamh a‑rìs a bhean; agus rug i mac, agus thug i Set mar ainm air: Oir dh’òrdaich Dia, thubhairt i, dhòmhsa sliochd eile ann an àit Abeil, a mharbh Càin.

Agus thug e Nòah mar ainm air, ag ràdh, Bheir an tì seo fhèin sòlas dhuinne a‑thaobh ar n‑obrach agus saothair ar làmh, a‑thaobh na talmhainn a mhallaich an Tighearna.

Agus ghairm Iabes air Dia Israeil, ag ràdh, O gum beannaicheadh tu mi da‑rìribh, agus gun cuireadh tu mo chrìochan am farsaingeachd, agus gum biodh do làmh leam, agus gun gleidheadh tu mi o olc, a‑chum nach cràidh e mi! Agus dheònaich Dia dha an nì sin a ghuidh e.

Am èiginn ghlaodh mi ris an Tighearna, agus dh’èisd e rium.

Agus dh’fhàs an leanabh, agus thug i e a dh’ionnsaigh nighean Phàraoh, agus bha e na mhac dhi. Agus thug i Maois mar ainm air: agus thubhairt i, A chionn as an uisge gun do tharraing mi a‑mach e.

Agus rug i mac dha, agus thug e Gersom mar ainm air: oir thubhairt e, Bha mi am choigreach ann an tìr aineoil.

Agus beiridh i mac, agus bheir thu Iosa mar ainm air; oir saoraidh e a shluagh fhèin om peacaidhean.

Agus ciod tuilleadh a their mi? Oir theirgeadh an ùine dhomh ann an labhairt mu Ghideon, Bharac, agus Shampson, agus Iephtah, Dhaibhidh mar an ceudna, agus Shamuel, agus na fàidhean:




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan