Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:18

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus thubhairt ise, Faigheadh do bhanoglach deagh-ghean ad shùilean. Agus dh’imich a’ bhean roimhpe, agus dh’ith i, agus cha robh a gnùis na b’fhaide dubhach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

11 Iomraidhean Croise  

Agus tha agam buar, agus asail, treudan, agus òglaich, agus banoglaich; agus chuir mi a dh’innse dom thighearna, a‑chum gum faighinn deagh-ghean ad shùilean.

Agus thill na teachdairean gu Iàcob, ag ràdh, Thàinig sinn a dh’ionnsaigh do bhràthar Esau, agus mar an ceudna tha e a’ teachd ad chòmhdhail agus ceithir cheud fear maille ris.

Agus thubhairt Esau, Leig leam a‑nis cuid den mhuinntir a tha maille rium fhàgail maille riut. Agus thubhairt esan, Carson sin? Faigheam-sa deagh-ghean ann an sùilean mo thighearna.

Agus thubhairt e, Ciod as ciall dhut leis an iomain seo uile, a choinnich mi? Agus thubhairt esan, Gu deagh-ghean fhaghail ann an sùilean mo thighearna.

Ghlaodh an duine bochd seo, agus dh’èisd an Tighearna ris, agus as a theanntachdan gu lèir shaor e e.

Imich romhad, ith d’aran le gàirdeachas, agus òl d’fhìon le cridhe subhach; oir tha Dia a‑nis toilichte led obraichean.

Gus a seo cha d’iarr sibh nì air bith ann am ainm-sa: iarraibh, agus gheibh sibh, a‑chum gum bi ur n‑aoibhneas làn.

A‑nis gun lìonadh Dia an dòchais sibhse leis an uile aoibhneas agus shìth ann an creidsinn, a‑chum gum bi sibh pailt ann an dòchas, tre chumhachd an Spioraid Naoimh.

Agus thubhairt ise, Faigheam deagh-ghean ad shùilean, mo Thighearna, do bhrìgh gun tug thu sòlas dhomh, agus gun do labhair thu gu coibhneil rid bhanoglaich, ged nach eil mi cosmhail ri aon ded ghruagaichean-sa.

Agus thubhairt Rut, a’ bhan-Mhòabach, ri Naòmi, Leig dhomh a‑nis dol don achadh, agus diasan arbhair a dhìoghlam an dèidh an tì sin aig am faigh mi deagh-ghean na shùilean. Agus thubhairt i rithe, Falbh, mo nighean.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan