Chaidh daoine àraidh, clann Bheliail, a‑mach as ur measg, agus bhuair iad luchd-àiteachaidh am baile, ag ràdh, Rachamaid agus dèanamaid seirbhis do dhiathan eile, nach b’aithne dhuibh;
An sin fiosraichidh tu, agus rannsaichidh tu, agus feòraichidh tu gu dùrachdach; agus, feuch, mas fìrinn e, agus gu bheil a’ chùis dearbhte, gun do rinneadh a’ ghràinealachd sin nur measg;
Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna.
Ach thubhairt mic Bheliail, Cionnas a shaoras am fear seo sinn? Agus rinn iad dìmeas air, agus cha tug iad tìodhlac sam bith da ionnsaigh: ach dh’fhan esan na thosd.
Na tugadh mo thighearna, guidheam ort, fa‑near an duine seo le Belial, eadhon Nàbel; oir a rèir a ainme, mar sin tha e: is e Nàbel a ainm, agus tha amaideachd maille ris: ach chan fhaca mise, do bhanoglach, òganaich mo thighearna, a chuir thu uat.