Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:15

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus fhreagair Hanah agus thubhairt i, Chan eadh, mo thighearna; is bean mise a tha tùirseach am spiorad; aon chuid fìon no deoch làidir cha d’òl mi, ach dhòirt mi a‑mach m’anam an làthair an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

12 Iomraidhean Croise  

Agus a‑nis tha m’anam air a dhòrtadh a‑mach orm; ghlac làithean àmhghair mi.

Shìn mi mo làmhan riutsa; tha m’anam, mar thalamh tartmhor, an geall ort. Selah.

Na nithean seo is cuimhne leam, agus tha mi a’ dòrtadh a‑mach m’anama leam fhèin, oir ghabh mi thairis leis a’ mhòr-chuideachd, chaidh mi leo gu taigh Dhè, le fuaim gàirdeachais agus molaidh, leis a’ chuideachd a bha a’ cumail là fèille.

Cuiribh air gach àm ur dòigh ann, O a shluagh; dòirtibh a‑mach ur cridhe na fhianais; tha Dia na thèarmann dhuinn. Selah.

Gu cinnteach tha clann Adhaimh nan dìomhanas, clann an duine nam brèig; air meidh ma chuirear iad, is aotroime iad gu lèir na dìomhanas.

Is aithne do chridhe duine searbhas a anama; agus na aoibhneas cha bhi co‑roinn aig coigreach.

Tillidh freagradh mìn corraich; ach dùisgidh briathran garga fearg.

Le fad-fhulangas cuirear impidh air uachdaran, agus brisidh teanga mhìn cnàimh.

Eirich, glaodh gu h‑àrd anns an oidhche: ann an tùs na faire dòirt a‑mach do chridhe mar uisge fa chomhair gnùis Iehòbhah: tog suas do làmhan da ionnsaigh airson anam do chloinne òige, a tha a’ fàilneachadh le acras aig ceann gach aon sràide.

Na meas do bhanoglach mar nighean do Bhelial: oir is ann à ro‑mheud mo ghearain agus mo dhoilgheis a labhair mi gus a‑nis.

Agus chruinnich iad an ceann a chèile gu Mispeh, agus tharraing iad uisge, agus dhòirt iad a‑mach e an làthair an Tighearna, agus thraisg iad air an là sin, agus thubhairt iad an sin, Pheacaich sinn an aghaidh an Tighearna. Agus thug Samuel breith air cloinn Israeil ann am Mispeh.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan