Agus thubhairt Eli rithe, Cia fhada a bhios tu air mhisg? Cuir air falbh d’fhìon uat.
Ma bhios euceart ad làimh, cuir fada uat i, agus na leig le aingidheachd còmhnachadh ad phàilleanan.
Ma thilleas tu a dh’ionnsaigh an Uile-chumhachdaich, togar suas thu; cuiridh tu euceart am fad od phàilleanan.
Cia fhad a labhras tu mar sin, agus a bhios briathran do bheòil mar ghaoith làidir?
Cia fhad a dhealbhas sibh aimhleas an aghaidh duine? Marbhar sibh uile; mar bhalla ag aomadh, mar ghàrradh air chrith bidh sibh.
Cuir uat am beul fiar, agus na bilean beumnach cuir fada uat.
Cia fhad a chaidleas tu, a leisgein? Cuin a dh’èireas tu as do chadal?
Ach thubhairt dream eile a’ fanaid, Tha na daoine seo làn de fhìon ùr.
Agus lìonadh iad uile leis an Spiorad Naomh, agus thòisich iad air labhairt le teangaidhean eile, a rèir mar a thug an Spiorad comas labhairt dhaibh.
Uime sin, air dhuibh a’ bhreug a chur uaibh, labhraibh an fhìrinn, gach neach ra choimhearsnach: oir is buill sinn de a chèile.
Biodh gach uile sheirbhe, agus corraich, agus fearg, agus gàrrthaich, agus toibheum, air an togail uaibh, maille ris gach uile mhìorun.