Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:12

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fanear a beul.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

8 Iomraidhean Croise  

Agus labhair e cosamhlachd riu, a’ nochdadh gur còir ùrnaigh a dhèanamh a‑ghnàth, agus gun fhannachadh;

A’ dèanamh ùrnaigh a‑ghnàth leis gach uile ghnè ùrnaigh agus aslachaidh anns an Spiorad, agus a’ dèanamh faire a‑chum an nì seo fhèin maille ris gach uile bhuanachadh, agus ghuidhe airson nan naomh uile;

Buanaichibh ann an ùrnaigh, a’ dèanamh faire innte le breith-buidheachais;

Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.

Aidichibh ur lochdan da chèile, agus dèanaibh ùrnaigh airson a chèile, a‑chum gun tèarnar sibh. Tha mòr-èifeachd ann an ùrnaigh dhùrachdaich an fhìrein.

Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.

A‑nis bha Hanah a’ labhairt na cridhe; bha a bilean a‑mhàin a’ gluasad, ach cha chualas a guth: uime sin shaoil Eli gu robh i air mhisg.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan