Biblia Todo Logo
Iomraidhean Croise

- Sanasan -



1 Samuel 1:11

Am Bìoball Gàidhlig 1992

Agus bhòidich i bòid, agus thubhairt i, O Thighearna nan sluagh, ma dh’amhairceas tu da‑rìribh air àmhghar do bhanoglaich, agus gun cuimhnich thu orm, agus nach dìochuimhnich thu do bhanoglach, ach gun toir thu dod bhanoglaich leanabh gille, an sin bheir mi e don Tighearna rè uile làithean a bheatha, agus cha tèid ealtainn air a cheann.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

25 Iomraidhean Croise  

Agus bhòidich Iàcob bòid, ag ràdh, Ma bhios Dia leam, agus ma ghleidheas e mi air an t‑slighe sin air a bheil mi ag imeachd, agus ma bheir e dhomh aran ra ithe, agus aodach ra chur umam;

Agus dh’fhàs Lèah torrach, agus rug i mac, agus thug i Reuben mar ainm air: oir thubhairt i, Gu deimhinn dh’amhairc an Tighearna air m’àmhghar; a‑nis uime sin gràdhaichidh m’fhear mi.

Agus chuimhnich Dia air Rachel agus dh’èisd Dia rithe, agus dh’fhosgail e a bolg.

Agus chuimhnich Dia air Nòah, agus gach nì beò, agus gach uile sprèidh a bha maille ris anns an àirc: agus thug Dia air gaoith dol thairis air an talamh, agus thraogh na h‑uisgeachan;

Theagamh gun amhairc an Tighearna air m’àmhghar, agus gun dìol an Tighearna dhomh math airson a mhallachaidh air an là‑an‑diugh.

Amhairc air m’àmhghar agus air mo phèin, agus lagh mo pheacaidhean gu lèir.

Agus chreid an sluagh: agus nuair a chuala iad gun d’amhairc an Tighearna air cloinn Israeil, agus gum faca e an àmhghar, an sin chrom iad an cinn, agus rinn iad adhradh.

Ciod, a mhic? Agus ciod, a mhic mo bhronn? Agus ciod, a mhic mo bhòidean?

Nuair a bhòidicheas tu bòid do Dhia, na cuir dàil na dìoladh; oir chan eil tlachd aige ann an amadain: an nì a bhòidicheas tu, dìol e.

Labhair ri cloinn Israeil, agus abair riu, Nuair a bheir duine bòid àraidh, buinidh na h‑anaman don Tighearna, a rèir do mheas:

Agus bhòidich Israel bòid don Tighearna, agus thubhairt iad, Ma bheir thu da‑rìribh an sluagh seo thairis dar làimh, an sin sgriosaidh sinn gu tur am bailtean.

Agus ìobraidh an sagart fear dhiubh mar ìobairt-pheacaidh, agus am fear eile mar ìobairt-loisgte, agus nì e rèite air a shon, do bhrìgh gun do pheacaich e a‑thaobh a’ mhairbh, agus naomhaichidh e a cheann anns an là sin fhèin.

Uile làithean bòid a dhealachaidh, cha tig ealtainn air a cheann: gus an coileanar na làithean anns an dealaich e e fhèin don Tighearna, bidh e naomh; agus leigidh e le ciabhan gruag a chinn fàs.

Uile làithean a dhealachaidh tha e naomh don Tighearna.

Agus bhòidich Iephtah bòid don Tighearna, agus thubhairt e, Ma bheir thu gu cinnteach clann Amoin thairis dom làimh,

Oir, feuch, fàsaidh tu torrach, agus beiridh tu mac; agus cha tig ealtainn sam bith air a cheann: oir bidh an leanabh na Nàsarach do Dhia on bhroinn; agus tòisichidh e air Israel a shaoradh à làimh nam Philisteach.

Agus bha i air a cràdh na h‑anam, agus rinn i ùrnaigh ris an Tighearna, agus ghuil i gu goirt.

Agus nuair a bhuanaich i ri ùrnaigh an làthair an Tighearna, thug Eli fanear a beul.

Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.

Agus cha deachaidh Hanah suas; oir thubhairt i ra fear, Cha tèid mise suas gus an cuirear an leanabh bhàrr na cìche, agus an sin bheir mi leam e, a‑chum gun taisbeanar e am fianais an Tighearna, agus gum fan e an sin gu bràth.

Airson an leinibh seo rinn mi ùrnaigh; agus thug an Tighearna dhomh m’iarrtas a dh’iarr mi air:

Agus uime sin thug mi seachad gu saor e don Tighearna: rè uile làithean a bheatha thugadh seachad e don Tighearna. Agus rinn e adhradh don Tighearna an sin.

Agus bheannaich Eli Elcanah agus a bhean, agus thubhairt e, Gun tugadh an Tighearna dhut sliochd on mhnaoi seo, airson an tìodhlaic a thug i seachad don Tighearna. Agus chaidh iad dan àite fhèin.




Lean sinn:

Sanasan


Sanasan