Agus Ierobòam mac Nebait, Ephratach o Shereda, seirbhiseach do Sholamh (agus b’e ainm a mhàthar Seruah, bantrach), thog eadhon esan a làmh an aghaidh an rìgh.
Agus ghlac na Gileadaich àthan Iòrdain air na h‑Ephraimich: agus nuair a thubhairt na h‑Ephraimich sin a chaidh as, Leig dhomh dol thairis, thubhairt fir Ghilead ris, An Ephraimeach thu? Ma thubhairt esan, Chan eadh;
Agus anns na làithean sin, nuair nach robh rìgh air bith ann an Israel, bha Lèbhitheach àraidh air chuairt air taobh sliabh Ephraim, a ghabh da ionnsaigh coileabach o Bhetlehem Iùdah.
Agus bha i a chòmhnaidh fo chraoibh-phailme Dheborah, eadar Ramah agus Betel, ann an sliabh Ephraim: agus chaidh clann Israeil suas da h‑ionnsaigh airson breitheanais.
Agus b’e ainm an duine Elimelech, agus ainm a mhnà Naòmi, agus ainm a dhithis mhac, Mahlon agus Chilean, Ephrataich de Bhetlehem Iùdah: agus thàinig iad gu fearann Mhòaib, agus dh’fhan iad an sin.
Agus dh’èirich iad gu moch anns a’ mhadainn, agus rinn iad adhradh an làthair an Tighearna, agus thill iad, agus thàinig iad a dh’ionnsaigh an taighe gu Ramah: agus dh’aithnich Elcanah a bhean Hanah, agus chuimhnich an Tighearna oirre.
A‑nis b’e Daibhidh mac an Ephrataich sin o Bhetlehem Iùdah, dom b’ainm Iese; agus bha ochdnar mhac aige; agus bha an duine ann an làithean Shauil na sheann duine, air teachd air aghaidh ann an aois.
Agus chaidh e tro mhonadh Ephraim, agus chaidh e tro thìr Shalisa, ach cha d’fhuair iad iad: an sin chaidh e tro thìr Shalaim, agus cha robh iad an sin: agus chaidh e tro thìr nam Beniàmineach, ach cha d’fhuair iad iad.
Agus nuair a thàinig iad gu tìr Shuph, thubhairt Saul ra òganach a bha maille ris, Thig agus tilleamaid, air eagal gun leig m’athair dheth a chùram mu na h‑asail, agus gum bi smuairean air mar timcheall-ne.