Agus nuair a sguir na càmhail a dh’òl, an sin ghabh an duine cluas-fhàinne òir, anns an robh leth seceil de chudthrom, agus dà làmh-fhail airson a làmh, anns an robh deich seceil òir de chudthrom.
Agus dh’fhiosraich mi dhith, agus thubhairt mi, Cò don nighean thusa? Agus thubhairt ise, Is mi nighean Bhetueil, mac Nahoir, a rug Milcah dha. Agus chuir mi a’ chluas-fhàinne air a h‑aghaidh, agus na làmh-fhailean air a làmhan.
Agus thug an seirbhiseach an làthair seudan airgid agus seudan òir, agus aodach, agus thug e iad do Rebecah: thug e mar an ceudna nithean luachmhor da bràthair agus da màthair.
A‑nis an treas là chuir Ester oirre a culaidh rìoghail, agus sheas i anns a’ chùirt a b’fhaide a‑staigh de thaigh an rìgh, fa chomhair taigh an rìgh: agus bha an rìgh na shuidhe air a rìgh-chathair anns an taigh rìoghail, fa chomhair geata an taighe.
Ach iarraidh gach bean o a ban-choimhearsnaich, agus on mhnaoi a bhios air aoigheachd na taigh, seudan airgid, agus seudan òir, agus aodach: agus cuiridh sibh iad air ur mic, agus air ur nigheanan; agus creachaidh sibh na h‑Eiphitich.
Agus thàinig iad, araon fir agus mnathan, a mheud is aig an robh cridhe toileach, agus thug iad leo bràisdean agus cluas-fhailean, agus fàinneachan, agus criosan-muineil, gach uidheam òir: agus gach fear a thug seachad, thug e seachad tabhartas òir don Tighearna.
Dùisg, dùisg, cuir umad do neart, O Shion; cuir umad do chulaidh sgiamhach, O Ierusaleim, a chathair naomh; oir cha tèid an neo-thimcheall-gheàrrte agus an neòghlan a‑steach annad nas mò.
Nì mi gàirdeachas gu mòr anns an Tighearna; bidh m’anam aoibhneach ann am Dhia; oir chuir e orm èideadh na slàinte, chòmhdaich e mi le trusgan na fìreantachd; mar a sgeadaicheas fear-bainnse e fhèin le crùn sgiamhach, agus mar a dh’uidheamaicheas bean-bainnse i fhèin le a seudan.
Agus thusa, nuair a chreachar thu, ciod a nì thu? Ged èid thu thu fhèin le corcar, ged sgeadaich thu thu fhèin le seudan òir, ged ung thu do rosgan le dathan, gu dìomhain nì thu thu fhèin sgiamhach; nìthear tàir ort led leannain, air d’anam tha iad an tòir.
Agus a thuilleadh air seo, gun do chuir iad fios air daoine gu teachd o chèin, gus an do chuireadh teachdaire; agus, feuch, thàinig iad, airson an do rinn thu thu fhèin a nighe, do shùilean a dhath, agus thu fhèin a sgeadachadh le usgraichean.
Agus na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo: ach bithibh air ur cruth-atharrachadh tre ath-nuadhachadh ur n‑inntinn, a‑chum gun dearbh sibh ciod i toil mhath, thaitneach, agus dhiongmhalta sin Dhè.